Stiùireadh farsaing mu lìonadh a-steach Foirm F

Chaidh an stiùireadh seo a chur ri chèile gus cuideachadh riut foirm-iarrtais a lìonadh a-steach, a dh’fheumas tu cleachdadh nuair a dh’iarras tu gun tèid Clàr na Croitearachd a cheartachadh. Tha an fhoirm seo a’ leigeil leat fiosrachadh a thoirt seachad mar thaic ris an iarrtas agad airson ceartachaidh dhan Neach-ghleidhidh, ris a bheil e an urra an Clàr a chumail. Gabhaidh an Neach-gleidhidh beachd a bheil ceartachadh don chlàr iomchaidh a rèir an fhiosrachaidh am broinn an iarrtais agad agus, ma tha e sàsaichte gur h-e seo an suidheachadh, gabhaidh e ceuman gus an Clàr atharrachadh ga rèir.

Feumar na raointean uile a bhuineas ri cur a-steach an iarrtais seo a lìonadh a-steach.  Bu chòir dhut an fhoirm-iarrtais a lìonadh a-steach cho coileanta agus a ghabhas oir mura toir thu am fiosrachadh a tha a dhìth, dh’fhaodadh èirigh mar thoradh gun tèid an t-iarrtas agad a chur air ais thugad, a dh’adhbharaicheas dàil a ghabhadh seachnadh air an iarrtas agad airson ceartachaidh don Chlàr. Bu chòir an t-iarrtas air a lìonadh a-steach a chur dhan Choimisean gus a chur air adhart dhan Neach-ghleidhidh.

Iarrtas airson ceartachaidh

Uaireannan, faodaidh gun tèid a nochdadh gu bheil ‘mearachd’ air Clàr na Croitearachd. Seo briathar reachdail a tha ga mhìneachadh ann an earrann 16(7) de dh’Achd Ath-leasachadh na Croitearachd (Alba) 2010 (“Achd 2010”) mar ‘rudeigin a dh’fhàgadh às le mearachd agus rudeigin a chuireadh a-steach le mearachd’.

Nuair a thachras seo, tha e comasach iarraidh air Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba, ris a bheil e an urra an Clàr a chumail, a’ mhearachd anns a’ Chlàr a cheartachadh. A thaobh Clàr na Croitearachd, tha am briathar ‘ceartaich’ ga mhìneachadh ann an Achd 2010 mar ‘mearachd sam bith na bhroinn a cheartachadh le bhith a’ cur rudeigin a-steach, ag atharrachadh rudeigin na bhroinn, no a’ toirt rudeigin air falbh bhon Chlàr’.

Mas e gun deach a’ mhearachd anns a’ Chlàr a dhèanamh le mearachd ann an iarrtas airson clàraidh, faodaidh an neach a rinn an t-iarrtas sin iarraidh gun tèid a’ mhearachd a cheartachadh.

Tha cead aig an Neach-ghleidhidh an Clàr a cheartachadh far a bheil mearachd air a dèanamh le Coimisean na Croitearachd ann a bhith a’ cur a-steach an iarrtais aca fhèin airson clàraidh no a’ cur air adhart iarrtais a chuir cuideigin eile a-steach, an dara cuid air iarrtas a’ Choimisein no air iarrtas an neach a rinn an t-iarrtas airson clàraidh.

Tha cead aig an Neach-ghleidhidh an Clàr a cheartachadh an dara cuid air iarrtas a thèid a chur dha no ga dheòin fhèin, nuair a rinn Clàran na h-Alba mearachd a’ dèanamh suas no ag atharrachadh a’ Chlàir.

Nuair a thachras ceartachadh, feumaidh an Neach-gleidhidh fios a chur gu neach sam bith air am bi e a’ bualadh ann am beachd an Neach-ghleidhidh, agus dhan Choimisean, ann an sgrìobhadh.

Ceartachadh an dèidh clàraidh a' chiad turas

Tha ullachadh ann an Achd 2010 nuair a thèid an Clàr a cheartachadh gus mearachd stuthach (mearachd ann an gin de na h-adhbharan a dh’fheumar cur sa Chlàr-chlàraidh, mar chrìochan na croite) a chur ceart ri linn ùine-dùbhlain’ nan naoi mìosan an dèidh croit a chlàradh a’ chiad turas, feumar fios às ùr a thoirt mun chlàradh agus bidh an ùine-dùbhlain a’ tòiseachadh a-rithist. Pàighidh an Neach-gleidhidh cosgaisean sam bith a dh’èirich gus fios às ùr a thoirt mun chlàradh nuair a tha an ceartachadh mar thoradh air mearachd leis an Neach-ghleidhidh no leis a’ Choimisean ann an làimhseachadh an iarrtais-chlàraidh no nuair a bhathar a’ cur iarrtais dhan Neach-ghleidhidh às an leth fhèin.

Cuiridh an Neach-gleidhidh Teisteanas-clàraidh ùr a-mach a rèir mar a bhios iomchaidh.

Urras an dèidh call

Ann an suidheachaidhean sònraichte, tha ullachadh ann an Achd 2010 gum bi aig Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba ri neach a chuidhteachadh a dh'fhuiling call ceangailte ri Clàr na Croitearachd.

Tha Achd 2010 a’ leagail a-mach nan ceistean às an tig mar thoradh call a ghabhas cuidhteachadh anns am faodadh an Neach-gleidhidh a bhith buailteach. Nam measg seo tha mearachd anns a’ Chlàr a rinn an Neach-gleidhidh a’ dèanamh suas no ag atharrachadh Clàr-clàraidh no a’ dèanamh atharrachaidhean an dèidh sin, a bhiodh feumach air ceartachadh anns a’ Chlàr gus an cur ceart.

Tha ullachadh ann an Achd 2010 cuideachd, ge-tà, gu bheil suidheachaidhean ann nuair nach bi an Neach-gleidhidh buailteach neach a chuidhteachadh. Mar eisimpleir, chan eil an Neach-gleidhidh buailteach neach a chuidhteachadh nan robh fios, no bha còir gum biodh fios, aig an neach mun mhearachd a dh’iarras urras airson call nuair a chaidh an call adhbharachadh leis a’ ghnìomh fhoilleil no mhì-fhaiceallach leis an neach ag iarraidh cuidhteachaidh airson call. Tha cuidhteachadh ga chumail a-mach cuideachd nuair a bhios a’ mhearachd ceangailte ri mearachd ann an dealbhadh chrìochan sam bith air an taisbeanadh ann an Clàr-clàraidh, mas e mearachd a tha ann nach biodh air a bhith air a ceartachadh le tarraing air mapa suirbhidh an òrdanais no a leithid de mhapa a rèir mar a bhios an Neach-gleidhidh, air adhbharan earrann 11(2)(a) a’ meas iomchaidh.

Cha bhi cuidhteachadh ri phàigheadh a thaobh mearachd leis an Neach-ghleidhidh gus a bheilear air co-dhùnadh a ghabhail mu cheartachadh a’ Chlàir agus a tha call sam bith air ath-bhreithneachadh a rèir a’ cheartachaidh.

Tha ullachadh ann an Achd 2010 cuideachd gum bi an Coimisean buailteach neach a chuidhteachadh airson call a dh’fhuilingeadh nuair a dh’fheumas an neach sin iarrtas ùr a chur a-steach airson clàraidh no ceartachadh iarraidh mar thoradh air mearachd a rinn an Coimisean nuair a bhathar a’ cur adhart iarrtais airson clàraidh dhan Neach-ghleidhidh no a' cur a-steach iarrtais às an leth fhèin.

Notaichean agus stiùreadh airson lionadh a-steach iarrtasan gus clàr na croitearachd a cheartachadh

Foirm F (PDF, 812KB)

Nota 1 Tuairisgeul den Chroit

Bu chòir dhut Àireamh na Croite no a’ Chùil-chinn/na Roinn-ruithe air Clàr na Croitearachd a thoirt. Bu chòir dhut an t-ainm a thathar a’ gabhail air a’ chroit no a’ chùl-chinn/an roinn-ruithe agus ainm na Sgìre sa bheil iad stèidhichte a thoirt cuideachd.

Nota 2 Adhbhar ris a’ Cheartachadh

Bu chòir dhut feum an earrann seo den Fhoirm a chur gu feum gus fiosrachadh a thoirt seachad mun mhearachd ann an Clàr na Croitearachd a tha thu ag iarraidh atharrachadh. Am measg nam mearachdan a dh'fhaodadh a bhith ann tha rudeigin tha rudeigin a dh’fhàgadh às a’ Chlàr le mearachd no rudeigin a chuireadh a-steach ann le mearachd.

Faodaidh gum faigh thu gun tèid agad air an t-seòrsa de mhearachd a tha ann a mhìneachadh ann an sgrìobhadh (mar eisimpleir, far a bheil mearachd ann an ainm no seòladh) ach tha ma thu a’ creidsinn gu bheil mearachd anns an fhiosrachadh air a shealltainn air Plana sa Chlàr, bidh e na chuideachadh dhan Neach-ghleidhidh ma bheir thu plana gus am fiosrachadh a tha thug ag iarraidh cur a-steach sa Chlàr no toirt às a shoilleireachadh. Bu chòir gun gèilleadh na planaichean uile ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd agus faodaidh an Neach-gleidhidh earrann às a’ mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad ma bhios seo a dhìth. Thèid a’ chìs gus earrann den mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad a chur an cèill ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012.

Air a bhonntachadh air an fhiosrachaidh air a thoirt seachad anns an iarrtas agad airson ceartachaidh, nì an Neach-gleidhidh sgrùdadh air a’ Chlàr a dhèanamh a-mach a bheil mearachd ann. Ma tha e sàsaichte gu bheil an Clàr mì-chruinn, cumaidh e air gus an Clàr a chur ceart le bhith a’ ceartachadh na mearachd le bhith a’ cur a-steach no ag atharrachadh rudeigin ann, no a’ toirt rudeigin air falbh bhon Chlàr.

Nota 3 Ceadachadh

Nuair a lìonas tu an earrann seo den fhoirm a-steach, bheir thu cead dhan Neach-ghleidhidh dèanamh a-mach a bheil mearachd anns a’ Chlàr agus, ma tha e sàsaichte, an Clàr a cheartachadh.

Feumaidh tu d’ ainm a chur a-steach mar an Tagraiche ag iarraidh gun tèid Clàr na Croitearachd a cheartachadh. Feumaidh tu do cheann-latha-breith a thoirt cuideachd. Ged a tha am fiosrachadh seo a dhìth air Coimisean na Croitearachd, chan eil de dh’ùghdarras aig Clàran na h-Alba fo na h-ullachaidhean buntainneach ann an Achd Dìon-dàta 1998 gus fiosrachadh pearsanta den t-seòrsa a chumail sna tasgaidhean aca. Air an adhbhar seo, thèid an ceann-latha-breith agad a dhubhadh às le Coimisean na Croitearachd mus tèid an t-iarrtas agad a chur air adhart don Neach-ghleidhidh agus cha tèid a chumail an cois an iarrtais agad mar chuid den chlàr phoblach. Bu chòir dhut an seòladh-puist agus an àireamh-fòn agad a chur a-steach cuideachd.

Feumaidh tu am pearsa sa bheil thu ag iarraidh ceartachaidh, is e sin croitear, croitear mar shealbhadair-còmhnaidhe, uachdaran no sealbhadair, a dhearbhadh cuideachd.

Mas e gun ceartaich an Neach-gleidhidh an Clàr, bu chòir dhut fios a thoirt a bheil thu ag iarraidh gun tèid an Teisteanas-clàraidh a sheallas an t-atharrachadh air a’ chroit chlàraichte agad a chur thugad le post-dealain. Mas e an fhreagairt air a’ cheist seo ‘tha’ bu chòir dhut fios mun t-seòladh post-dealain agad a chur sa bhogsa air a shon.

Mar roghainn eile, ma tha thu ag iarraidh gun tèid an Teisteanas-clàraidh a chur thugad sa phost, bu chòir dhut an seòladh agad a chur sa bhogsa air a shon.

Ma tha thu a’ cur do làimhe ris às leth an tagraiche, bu chòir dhut fiosrachadh mun ainm, mun t-seòladh agus mun chòd-phostachd agad a lìonadh a-steach. Bu chòir dhut cur an cèill cuideachd an t-adhbhar gu bheil thu a’ cur do làimh ris an fhoirm agus/no am pearsa sa bheil thu ga dhèanamh, mar eisimpleir ‘neach-lagha mar neach-gnìomha airson an tagraiche’.

San dealachadh, bu chòir dhut an fhoirm a lìonadh le bhith a’ cur ainm is ceann-latha san àite air an son. Ann a bhith ga dhèanamh, tha thu a’ daingneachadh gus bheil am fiosrachadh air a thoirt seachad anns an iarrtas agus anns a’ phlana na chois (ma tha e a dhìth) ceart a rèir d’ eòlais agus do bheachdan agus gu bheil thu ag iarraidh ceartachaidh air Clàr na Croitearachd.

Was this page helpful?

Your feedback is anonymous and will help us improve the site. Don't provide any personal information (opens in new tab).

Warning

If you need to ask a question or need help, use our email us web form.

Additional fields for your feedback are now available below.