Chaidh an fhoirm a dhealbhadh air dà adhbhar.
Anns a’ chiad àite, tha e a’ leigeil leat fiosrachadh a tha a dhìth air Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba gus Clàr-clàraidh a chlàradh is a chur a-mach airson na Croite agad a thoirt seachad. San dara àite, tha pàirtean sònraichte den fhoirm airson Coimisean na Croitearachd a bheir sùil air an iarrtas agad mus tèid a chur air adhart chun Neach-glèidhidh gus a chlàradh.
Feumar na raointean uile a bhuineas ri cur a-steach an iarrtais seo a lìonadh. Bu chòir dhut an fhoirm-iarrtais a lìonadh cho coileanta agus a ghabhas oir mura cuir thu ann am fiosrachadh a tha a dhìth, dh’fhaodadh gun tèid an t-iarrtas agad a thilleadh thugad, ag adhbhrachadh dàil a ghabhadh seachnadh air clàradh na croite agad.
Clàradh Saor-thoileach
Faodaidh tu iarrtas saor-thoileach a dhèanamh gus a’ chiad chlàradh a dhèanamh air a’ chroit agad aig àm sam an dèidh Clàr na Croitearachd a bhith air a stèidheachadh.
Clàradh Èigneachail
Mur eil a’ chroit agad air a clàradh ann an Clàr na Croitearachd mar-thà, an dèidh 30 Samhain 2013, feumaidh tu an fhoirm seo a lìonadh gus a’ chiad chlàradh den chroit agad iarraidh nuair a chuireas tu iarrtas gu Coimisean na Croitearachd a tha am measg nan ‘tachartasan-adhbharachaidh’ air am mìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010. Tha liosta de na “tachartasan-adhbharachaidh” – no “adhbharan son clàradh iarraidh” – a dh’adhbharaicheas ciad chlàradh chroitean agus chroitean far a bheil sealbhadairean nan còmhnaidh san Leasachan ris an sgrìobhainn seo cuide ri fiosrachadh mun neach a dh’fheumas an t-iarrtas a dhèanamh anns gach suidheachadh. Cuideachd, faodaidh an croitear, an croitear mar shealbhadair-còmhnaidh, an t-uachdaran no an sealbhadair iarrtas a dhèanamh gus clàradh saor-thoileach a dhèanamh aig àm sam bith.
Tha cìs ri pàigheadh agus feumar a cur a-steach an cois an iarrtais. Tha a’ chìs air a bheil tarraing air an fhoirm a’ gabhail a-staigh a’ chlàraidh a’ chiad turas agus an ùrachaidh an dèidh sin air a’ chlàr ma bheir Coimisean na Croitearachd cead airson aon de na tachartasan. Chan eil feum air iarrtas an dèidh làimhe anns an t-suidheachadh seo. Tha a’ chìs ga stèidheachadh le Ministearan na h-Alba agus air a h-òrdachadh ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012 (SSI 2012/295).
Adhbhar na Foirme
Faodar an fhoirm a chleachdadh ma tha thu ag iarraidh a’ chroit agad a chlàradh gu saor-thoileach no airson a’ chiad turas. Gabhaidh an Neach-glèidhidh ri clàradh saor-thoileach bho 30 Samhain 2012, an ceann-latha air a bheil Clàr na Croitearachd a’ tòiseachadh.
Nota 1 Fiosrachadh mun Iarrtas
Ma tha thu a’ cur an iarrtais agad a-steach às leth buidhne no companaidh bu chòir dhut ainm na buidhne no na companaidh a chur anns an raon iomchaidh.
Mar roghainn eile, feumaidh tu d’ ainm is do sheòladh agus àireamh-fòn tron latha le còd na sgìre ionadail a chur a-steach.
Cuideachd, feumaidh tu an ceann-latha-breith agad a chur a-steach. Ged a tha am fiosrachadh seo a dhìth air Coimisean na Croitearachd, chan eil de dh'ùghdarras aig Clàran na h-Alba fo na h-ullachaidhean buntainneach ann an Achd Dìon-dàta 1998 gus fiosrachadh pearsanta den t-seòrsa a chumail sna Tasgaidhean aca. Air an adhbhar seo, thèid an ceann-latha-breith agad a dhubhadh às le Coimisean na Croitearachd mus tèid an t-iarrtas agad a chur air adhart chun Neach-glèidhidh agus cha tèid a chumail an cois an iarrtais agad mar chuid den chlàr phoblach.
Faodaidh tu fiosrachadh a chur ann cuideachd mu àireamh fòn-làimhe agus mu sheòladh post-dealain ma thogras tu gus an roghainn a thoirt do Choimisean na Croitearachd fios a chur thugad tro fhear seach fear de na modhan seo.
Adhbhar Clàraidh
Bu chòir dhut geàrr-chunntas a dhèanamh air an adhbhar-clàraidh a th’ agad anns a’ bhogsa mar a tha iomchaidh.
Tha clàr anns an Leasachan ris an stiùireadh seo, anns a bheil liosta de na suidheachaidhean far nach eil croit air a clàradh mar-thà ann an Clàr ùr na Croitearachd a tha ri bhith air a chumail le Clàran na h-Alba. Mar eisimpleir, tha iomlaid-seilbh croite le sealbhadair-còmhnaidh na thachartas a tha a’ ciallachadh gun fheumar clàradh ann an Clàr ùr na Croitearachd. Tha na ‘tachartasan’ seo gan comharrachadh gu neo-fhoirmeil sna Notaichean-mìneachaidh ann an Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 mar ‘thachartasan-adhbharachaidh’ ach faodar an comharrachadh a-cheart cho math mar ‘adhbharan clàraidh’ no an t-adhbhar a tha agad son clàradh iarraidh ann an Clàr na Croitearachd’. Tha amannan ann cuideachd nuair a dh’fhaodadh thu roghnachadh clàradh iarraidh gu saor-thoileach. Ma tha thu ag iarraidh clàradh gu saor-thoileach, bu chòir dhut ‘saor-thoileach’ a chur ann am bogsa nan Adhbharan Clàraidh.
Nota 2 Fiosrachadh mu Luchd-gnìomha (ma tha sin iomchaidh)
Ann an cuid de shuidheachaidhean, faodar an t-iarrtas a chur a-steach às leth an tagraiche a tha air ainmeachadh ann an earrann 1 den fhoirm seo le cuideigin ag obair mar luchd-gnìomha dha – mar eisimpleir, neach-lagha. Ma tha thu nad neach-gnìomha, a bharrachd a bhith a’ toirt seachad fios mun tagraiche ann an earrann 1 den fhoirm seo, bu chòir dhut fios a chur a-steach le d’ ainm, do chomharradh, do sheòladh-puist, còd-postachd agus àireamh-fòn tron latha ann an earrann 2 den fhoirm seo. Cuideachd, faodaidh tu fiosrachadh a bharrachd a chur ann mu àireamh an fhòn-làimhe agad agus mu sheòladh post-dealain ma thogras tu gus an roghainn a thoirt do Choimisean na Croitearachd fios a chur thugad tro fhear seach fear de na modhan seo.
Nota 3 Tuairisgeul den Chroit
Bu chòir dhut an Àireamh ann an Clàr na Croitearachd (ma tha e ann, no tha fhios agad), a’ Chroit, am Baile agus an Sgìre ainmeachadh.
Feumaidh tu plana a chur còmhla ris a sheallas ìre na croite. Bu chòir gun toireadh ìre na croite a-steach fearann sam bith air a roinneadh ach feumar iomradh soilleir a thoirt air an fhearann air a roinneadh. Bu chòir gun gèilleadh na planaichean uile ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd’, anns a bheil fiosrachadh air roinneadh, dì-chroiteadh agus ath-thòiseachadh. Thèid an ìre a sgrùdadh a rèir nan clàran air an cumail le Coimisean na Croitearachd. Faodaidh an Neach-glèidhidh earrann à mapa le suirbhidh an òrdanais, air am faod thu ìre na croite (agus roinnidhean sam bith) a shealltainn, a thoirt seachad ma bhios seo a dhìth. Tha a’ chìs gus earrann den mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad air a cur an cèill ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012.
Nota 4 Ainm is Seòladh a’ Chroiteir
Is e an croitear air a bheil iomradh ann an earrann 4 croitear a rèir brìgh earrann 3 de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Bu chòir mar sin ainm agus seòladh an neach a tha air a chlàradh le Coimisean na Croitearachd mar an croitear a chur a-steach an seo. Ann am beagan shuidheachaidhean far a bheil dithis neach-gabhail, bu chòir dhut na h-ainmean agus na seòlaidhean aca a chur a-steach. Bu chòir dhut diog a chur anns a’ bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 4 den fhoirm agus earrann 13 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a chur a-steach.
Nota 5 Ainm is Seòladh a’ Chroiteir mar Shealbhadair-còmhnaidh
Is e a tha ann an croitear mar shealbhadair-còmhnaidhe croitear no cuideigin air ainmeachadh leis a’ chroitear aig àm a’ cheannaich bhon uachdaran no a cheannaich a’ chroit bho leithid de neach agus nach eilear air a’ chroit a leigeil gu pàrtaidh sam bith eile. Nuair a tha aon neach no barrachd air an croitean a cheannach, feumaidh iad a bhith nan sealbhadairean air ìre làn na croite airson a bhith mar chroitear shealbhadair-còmhnaidh. Feumar ainm agus seòladh gach croiteir mar shealbhadair-còmhnaidh a chur ann. Bu chòir dhut diog a chur anns a’ bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 5 den fhoirm agus earrann 13 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a chur a-steach.
Nota 6 Ainm is Seòladh an uachdarain
Is e a tha ann an uachdaran ‘a thaobh croit seach tè air a clàradh ann an Clàr na Croitearachd, neach sam bith a tha airidh an-dràsta màl is prothaidean fhaighinn às, no seilbh a ghabhail air, a’ chroit’ mar a tha iad air an comharrachadh uile ann an earrann 61 de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Feumar ainm agus seòladh an Uachdarain/nan Uachdaran a chur ann. Bu chòir dhut diog a chur anns a’ bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 6 den fhoirm agus earrann 13 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a chur a-steach.
Nota 7 Ainm is Seòladh an t-Sealbhadair
Is e a tha ann an sealbhadair neach aig a bheil a’ chroit ach nach eil na chòmhnaidh oirre agus nach eil na uachdaran seach nach eil a’ chroit fo ghabhaltas aig àm a’ chlàraidh. Fo earrann 4 de dh’Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010, am measg an fheadhainn a dh’fhaodas iarrtas a dhèanamh son croit a chlàradh gu saor-thoileach tha ‘sealbhadair an fhearainn air a bheil a’ chroit suidhichte. Feumar ainm agus seòladh an t-sealbhadair/nan sealbhadairean a thoirt. Bu chòir dhut diog a chur anns a’ bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 7 den fhoirm agus earrann 13 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a chur a-steach.
Nota 8 Cùl-cinn/Fearann air a Ghleidheadh mar Roinn-ruithe
Bu chòir dhut cùl-cinn/fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe sam bith air a bheil còir agad an cleachdadh mar chuid den chroit a chur a-steach an seo. Bheir an Clàr-clàraidh tuairisgeul air an fhearann an dara cuid mar roinn-ruithe no mar chùl-cinn. Bu chòir ainm is sgìre a’ chùil-chinn/an fhearainn air a ghleidheadh mar roinn-ruithe a chur a-steach còmhla ri Àireamh a’ Chùil-chinn/na Roinn-ruithe ann an Clàr na Croitearachd ma tha iad air an clàradh ann an Clàr na Croitearachd. Bu chòir dhut diog a chur anns a’ bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 8 den fhoirm agus earrann 13 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus còraichean sam bith a bharrachd ann an cùl-cinn/roinn-ruithe a shealltainn.
Nota 9 A bheil a’ chroit ga clàradh fo Dhì-chroiteadh; Ath-thòiseachadh agus/no Roinneadh?
Dì-chroiteadh
Feumar àrainnean air an dì-chroiteadh a chlàradh nas lugha na tha fichead bliadhna air a dhol seachad bho cheann-latha an dì-chroitidh oir faodaidh an àrainn air a dì-chroiteadh a dhol air ais gu gabhaltas-croitearachd an taobh a-staigh na h-ùine sin mar thoradh air stiùireadh air a dhèanamh fo earrann 25(3) de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Bu chòir dhut fios a leigeil a bheil àrainn sam bith fo dhì-chroiteadh le bhith ga chomharrachadh anns a’ bhogsa iomchaidh. Mas e ‘tha’ an fhreagairt agus gun deach cuid den àrainn a dhì-chroiteadh, bu chòir dhut an ceann-latha a chaidh an stiùireadh mu dhì-chroiteadh a thoirt a chur a-steach. Bu chòir dhut cuideachd sealltainn ma tha thu air fianais air seo a thoirt leithid an stiùiridh mu dhì-chroiteadh agus/no a’ phlana na chois. Thèid an àrainn seo a shealltainn air a’ Chlàr-chlàraidh ach chan ann mar chuid den chroit agus thèid an t-iomradh a thoirt air falbh an dèidh do dh’ùine fichead bliadhna, a’ tòiseachadh le àm an stiùiridh, tighinn gu ceann.
Ath-thòiseachadh
Bu chòir dhut fios a leigeil ma chaidh a’ chroit agad ath-thòiseachadh san fhichead bliadhna mu dheireadh, no a bheil e fo ath-thòiseachadh sealach a tha fhathast an taobh a-staigh a h-ùine air a shon, le bhith a’ comharrachadh anns a’ bhogsa iomchaidh. Mas e ‘tha’ an fhreagairt agus gu bheil cuid den àrainn air a bhith air ath-thòiseachadh, bu chòir dhut an ceann-latha a chaidh an t-ath-thòiseachadh a cheadachadh a chur a-steach. Bu chòir dhut fios a leigeil cuideachd a bheil thu air fianais air seo a thoirt leithid an òrdain mu ath-thòiseachadh agus/no a’ phlana na chois. Mas e ath-thòiseachadh sealach a tha ann, bu chòir dhut an ceann-latha air an tig e gu crìch a chur anns a’ bhogsa air a shon. Thèid an àrainn a tha fo ath-thòiseachadh a shealltainn air a’ Chlàr-chlàraidh ach cha tèid a cur a-steach mar chuid den chroit. Thèid iomradh air an àrainn seo a thoirt air falbh an dèidh ùine fichead bliadhna, a’ tòiseachadh nuair a chaidh an t-ath-thòiseachadh seo a cheadachadh.
Roinneadh
Bu chòir dhut nochdadh a bheil cùl-cinn/fearann air a ghleidheadh mar Roinn-ruithe, a chaidh a roinneadh, air a’ chroit agad le bhith a’ briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh. Mas e ‘tha’ an fhreagairt, bu chòir dhut fianais mun roinneadh a chur a-steach le plana na chois. Mas e roinneadh sealach a tha ann, bu chòir dhut seo a leigeil fhaicinn le bhith a’ briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh agus a’ cur ‘ceann-latha deireannach’ anns a’ bhogsa air a shon. Thoir fa-near mura bheil seilbh aig an tagraiche air ainmeachadh ann an earrann 1 den fhoirm air croit ach gu bheil roinneadh de chùl-cinn aige, tha a leithid de roinneadh na ‘chroit air a meas’ fo earrann 3(5)(b) de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993 agus gun rachadh a chlàradh san aon dòigh ri croit.
Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 9 den fhoirm agus earrann 13 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh airson barrachd fiosrachaidh a tha thu ag iarraidh cur ris an earrann seo den fhoirm.
Nota 10 Daoine aig e bheil/a tha nan còmhnaidh air croit no fearann rin taobh
Bu chòir dhut earrann 10 a chleachdadh gus ainm is seòladh chroitearan no neo-chroitearan sam bith aig a bheil crìoch choitcheann ris a’ chroit a thathas ag iarraidh a chlàradh airson a’ chiad turas (no gu saor-thoileach).
Tha am fios mun fheadhainn aig a bheil na crìochan a dhìth air Coimisean na Croitearachd gus na dleastanasan a thaobh fios fo earrann 12 de dh’Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) a thoirt a-mach. Faodaidh an Coimisean iarraidh air an tagraiche barrachd fiosrachaidh a thoirt seachad mar a tha iad fhèin ga mheas iomchaidh fo earrann 7(4) de dh’Achd 2010.
Cuidichidh am fiosrachadh seo Coimisean na Croitearachd gus na dleastanasan aca fo earrann 12 de dh’Achd 2010 a thoirt a-mach gus fios a thoirt do dhaoine le ùidh anns a’ chiad chlàradh ann an Clàr na Croitearachd. Nam measg seo tha sealbhadair, uachdaran, croitear agus croitear mar shealbhadair-còmhnaidh, a rèir an t-suidheachaidh, croit sam bith rin taobh. Cuideachd, feumaidh Coimisean na Croitearachd fios a chur gu sealbhadair fearainn sam bith a tha a’ taobhadh (nach eil na fhearann a tha na chroit agus e a’ taobhadh).
Ged a tha am fiosrachadh seo a dhìth air Coimisean na Croitearachd, chan eil de dh’ùghdarras aig Clàran na h-Alba fo na h-ullachaidhean buntainneach ann an Achd Dìon-dàta 1998 gus fiosrachadh pearsanta den t-seòrsa a chumail sna Tasgaidhean aca. Air an adhbhar seo, thèid am fiosrachadh seo a tharraing no a dhubhadh às le Coimisean na Croitearachd mus tèid an t-iarrtas agad a chur air adhart chun an Neach-ghleidhidh agus cha tèid a chumail an cois an iarrtais agad mar chuid den chlàr phoblach.
Bu chòir dhut diog a chur anns a’ bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 10 den fhoirm agus earrann 13 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a chur a-steach.
Ann an cuid de shuidheachaidhean, ma tha tàire agad am fiosrachadh fhaighinn gus an earrann seo a choileanadh, faodaidh gum bi e comasach dhut fiosrachadh fhaighinn mu sheilbh ri taobh na croite agad bho Chlàran na h-Alba no bho Choimisean na Croitearachd. Bidh cìs ann airson fiosrachaidh a gheibhear bho Chlàran na h-Alba. Tha barrachd fiosrachaidh mu na seirbheisean a bhios Clàran na h-Alba agus Coimisean na Croitearachd a’ tairgse air na làraichean-lìn aca: Clàran na h-Alba www.ros.gov.uk Coimisean na Croitearachd www.crofting-scotland
Nota 11 Fiosrachadh air a chur a-steach mar thaic ris an Iarrtas
Is e a tha ann an earrann 11 “liosta-dearbhaidh” a leigeas leat na bogsaichean ann a chleachdadh gus leigeil fhaicinn dè am fiosrachadh a chuir thu a-steach fo chòmhdach an iarrtais agad. Bu chòir dhut an earrann seo a lìonadh a- oir bidh e na chuideachadh gus a dhearbhadh gun do chuimhnich thu air na sgrìobhainnean, seic is an leithid a tha dhìth a chur a-steach, agus mar chlàr a chumas Coimisean na Croitearachd den fhiosrachadh a chuireadh an làthair mar thaic ris an iarrtas agad.
Bu chòir dhut am bogsa a chleachdadh gus fiosrachadh eile a chuir thu ris an iarrtas agad a nochdadh (a’ cleachdadh earrann ‘Barrachd Fiosrachaidh’ den fhoirm mar a tha a dhìth).
Bu chòir dhut pàigheadh le seic, gu ‘Coimisean na Croitearachd’.
Tha fiosrachadh mu na cìsean a chuirear a thaobh iarrtais gus clàradh ann an Clàr na Croitearachd ri fhaotainn ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (cìsean) (Alba) 2012.
Nota 12 Ceadachadh
Nuair a chrìochnaicheas tu an earrann seo den fhoirm, tha thu a’ ceadachadh Chlàran na h-Alba a’ chroit agad a chlàradh agus ‘tachartas-adhbharachaidh’ sam bith a chur an gnìomh. A bharrachd air a bhith a’ ceadachadh clàradh na croite agad, bidh thu cuideachadh a’ ceadachadh Choimisean na Croitearachd fios a chur chun Neach-gleidhidh mu ùrachadh sam bith a bhios a dhìth mar thoradh air an iarrtas riaghlachail.
Ma tha barrachd air aon thagraiche ann, bu chòir dhan h-uile tagraiche an ainmean a chur ris an fhoirm agus a dhearbhadh le ceann-latha.
Tha thu a’ dearbhadh air do shon fhèin agus – mar a tha iomchaidh – às leth an neach/an fheadhainn a tha thu a’ riochdachadh gu bheil am fiosrachadh air a thoirt seachad air an fhoirm agus air a’ phlana na cois ceart a rèir do chuid eòlais is bheachdan. Mura bheil an t-iarrtas agad na chlàradh saor-thoileach, tha thu cuideachd a’ dearbhadh gum bu chòir an Clàr-clàraidh ùrachadh aon uair is gu bheil an co-dhùnadh riaghlachail air a cheadachadh le Coimisean na Croitearachd (m.e. roinneadh) agus gum bu chòir gum biodh fios a thaobh seo air a chur gu Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba le Coimisean na Croitearachd.
Cuiridh an Neach-gleidhidh Teisteanas-clàraidh a-mach mar dhearbhadh gu bheil an clàradh air a choileanadh. Sònraich an seòladh post-dealain a tha ag iarraidh airson teastanais mas e do thoil e.
Ma tha thu a’ cur do làimh ris an fhoirm às leth an tagraiche, feumaidh tu d’ ainm agus do sheòladh a chur anns a’ bhogsa air son sin.
Bu chòir am bogsa ‘Cleachdadh Oifigeil’ fhàgail bàn oir thèid seo a choileanadh le Coimisean na Croitearachd mus cuir iad air adhart e gu Clàran na h-Alba.
Nota 13 Barrachd Fiosrachaidh
Faodaidh tu barrachd fiosrachaidh mu na pàrtaidhean – mar eisimpleir, croitearan mar shealbhadairean-còmhnaidh – far nach eil àite gu leòr son sin a dhèanamh an àite sam bith eile air an fhoirm – a chur an seo. Faodaidh tu an earrann seo den fhoirm a chleachdadh cuideachd airson fiosrachadh sam bith eile a tha thu a’ smaoineachadh a bhuineas ris an iarrtas agad. Ma chleachdas tu an earrann seo den fhoirm airson barrachd fiosrachaidh, bu chòir dhut an earrann den fhoirm ris am buin am fiosrachadh seo a shònrachadh gu soilleir fo cheann air leth, mar eisimpleir ‘Ainm agus Seòladh a’ Chroiteir/nan Croitearan mar Shealbhadair(ean)-còmhnaidh a’ leantainn’ agus/no ‘Ainm agus Seòladh an Uachdarain/nan Uachdaran’. Ma bhios feum air, cleachd barrachd dhuilleagan mas e do thoil e ach bi cinnteach gu bheil iad seo air an ceangal gu soilleir ris a’ phrìomh fhoirm-iarrtais, mar eisimpleir, ‘Barrachd fiosrachaidh mun Iarrtas gus Croit [cuir a-steach ainm na croite] a Chlàradh a’ Chiad Turas’ a’ leantainn.