Stiùireadh farsaing mu lìonadh a-steach Foirm D

Buinidh an stiùireadh seo ri lìonadh a-steach Form D (iarrtas gus cùl-cinn ùr a chlàradh a’ chiad turas).

Foirm D (PDF, 835KB)

Chaidh an fhoirm a dhealbhadh air dà adhbhar. Anns a’ chiad dol-a-mach, tha e a’ leigeil leat fiosrachadh a tha a dhìth air Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba gus Clàr-clàraidh a chlàradh is a chur a-mach airson a’ chùil-chinn agad a thoirt seachad. San dara dol-a-mach, tha pàirtean sònraichte den fhoirm airson Coimisean na Croitearachd a bheir sùil air an iarrtas agad mus tèid a chur air adhart dhan Neach-ghleidhidh gus a chlàradh.

Feumar na raointean uile a bhuineas ri cur a-steach an iarrtais seo a lìonadh a-steach. Bu chòir dhut an fhoirm-iarrtais a lìonadh a-steach cho coileanta agus a ghabhas oir mura toir thu am fiosrachadh a tha a dhìth, dh’fhaodadh èirigh mar thoradh gun tèid an t-iarrtas agad a chur air ais thugad, a dh’adhbharaicheas dàil a ghabhadh seachnadh air clàradh na croite agad.

Adhbhar na Foirme

Bu chòir Foirm D a lìonadh a-steach nuair a thathar ag iarraidh cùl-cinn ùr a chlàradh a rèir earrann 24(1)(a) de dh’Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 a chlàradh a’ chiad turas.  Bidh an suidheachadh seo ag èirigh air an t-socrachadh fo earrann 51A(1) de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993 gus fearann a shònrachadh mar chùl-cinn.

Bu chòir an t-iarrtas a chur a-steach dhan Choimisean an toiseach, a nì sgrùdadh air an fhiosrachadh a rèir Clàr nan Croitean mus tèid a chur air adhart dhan Neach-ghleidhidh.

Nota 1 Fiosrachadh mun Iarrtas

Ma tha thu a’ cur an iarrtais agad a-steach às leth eagrachaidh no companaidh bu chòir dhut ainm an eagrachaidh no na companaidh a chur anns an raon iomchaidh.

Mar roghainn eile, feumaidh tu d’ ainm is do sheòladh agus àireamh-fòn tron latha le còd na sgìre ionadail a chur a-steach.

Cuideachd, feumaidh tu an ceann-latha-breith agad a chur a-steach. Ged a tha am fiosrachadh seo a dhìth air Coimisean na Croitearachd, chan eil de dh’ùghdarras aig Clàran na h-Alba fo na h-ullachaidhean buntainneach ann an Achd Dìon-dàta 1998 gus fiosrachadh pearsanta den t-seòrsa a chumail sna tasgaidhean aca. Air an adhbhar seo, thèid an ceann-latha-breith agad a dhubhadh às le Coimisean na Croitearachd mus tèid an t-iarrtas agad a chur air adhart don Neach-ghleidhidh agus cha tèid a chumail an cois an iarrtais agad mar chuid den chlàr phoblach.

Faodaidh tu fiosrachadh a chur ann cuideachd mu àireamh an fhòn-làimhe agad agus mu sheòladh post-dealain ma thogras tu gus an roghainn a thoirt do Choimisean na Croitearachd fios a chur ort le fear seach fear de na modhan seo.

Nota 2 Fiosrachadh mu Luchd-gnìomha (ma tha iomchaidh)

Ann an cuid de shuidheachaidhean, faodar an t-iarrtas a chur a-steach às leth an tagraiche a tha air ainmeachadh ann an earrann 1 den fhoirm seo le cuideigin ag obair mar luchd-gnìomha dha – mar eisimpleir, neach-lagha. Ma tha thu nad neach-lagha, a bharrachd a bhith a’ toirt seachad fios mun tagraiche ann an earrann 1 den fhoirm seo, bu chòir dhut fios a chur a-steach mu d’ ainm, do chomharradh, do sheòladh-puist, còd-postachd agus àireamh-fòn tron latha ann an earrann 2 den fhoirm seo. Cuideachd, faodaidh tu fiosrachadh a chur ann cuideachd mu àireamh an fhòn-làimhe agad agus mu sheòladh post-dealain ma thogras tu gus an roghainn a thoirt do Choimisean na Croitearachd fios a chur ort le fear seach fear de na modhan seo.

Nota 3 Tuairisgeul den Chùl-chinn Ùr

Bu chòir dhut an Àireamh air Clàr nan Croitean, an t-ainm a thathar a’ gabhail air an fhearann a thoirt, agus an Sgìre sa bheil e a thoirt seachad.

Bu chòir plana a sheallas an cùl-cinn a chur a-steach leis an iarrtas agad.  Bu chòir gun gèilleadh na planaichean uile ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: ‘Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd’.

Nota 4 Ainm agus Seòladair Sealbhadair a’ Chùil-chinn

Is e a tha ann an sealbhadair cùl-cinn neach aig a bheil an cùl-cinn.

Feumar ainm agus seòladh an t-sealbhadair (no gach sealbhadair ma tha barrachd na aonan ann) a thoirt.

Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 4 den fhoirm agus earrann 9 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm is seòladh sealbhadair/shealbhadairean sam bith eile den chùl-chinn a chur a-steach.

Nota 5 Fios air Croitean le Còir anns a’ Chùl-chinn

Bu chòir an raon seo a lìonadh do gach croit a fhuair roinn sa chùl-chinn.  Anns gach suidheachadh, bu chòir seòladh na croite a thoirt.

Leig fios mas e do thoil e ma tha co-dhiù aon chroit le ùidh sa chùl-chinn air a clàradh ann an Clàr na Croitearachd le bhith a’ diogadh a’ bhogsa iomchaidh. Nuair a tha a’ chroit air a bhith air a clàradh ann an Clàr na Croitearachd mar-thà, bu chòir Àireamh na Croite ann an Clàr na Croitearachd a thoirt.

A thaobh croite nach eil air a clàradh, bu chòir ainm is seòladh iomlan le còd-postachd a’ chroiteir no a’ chroiteir mar shealbhadair-còmhnaidhe a thoirt a rèir mar as iomchaidh.

Is e a tha ann an croitear neach-gabhail a rèir brìgh earrann 3 de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Bu chòir mar sin ainm agus seòladh an neach a tha air a chlàradh le Coimisean na Croitearachd mar an neach-gabhail a chur a-steach mar neach-gabhail an seo. Ann am beagan shuidheachaidhean far a bheil dithis chroitearan, bu chòir dhut na h-ainmean agus na seòlaidhean aca a chur a-steach.

Is e a tha ann an croitear mar shealbhadair-còmhnaidhe croitear no cuideigin air ainmeachadh leis a’ chroitear aig àm a’ cheannaich bhon uachdaran no a cheannaich a’ chroit bho leithid de neach agus nach eilear air a’ chroit a leigeil gu pàrtaidh sam bith eile. Nuair a tha aon neach no barrachd air a’ chroit a cheannach, feumaidh iad a bhith nan sealbhadairean air ìre làn na croite gus a bhith mar chroitear mar shealbhadair-còmhnaidhe. Feumar ainm agus seòladh gach croiteir mar shealbhadair-còmhnaidhe a thoirt.

Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 5 den fhoirm agus earrann 9 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a chur a-steach.

Nota 6  Ainm agus Tiotal Dhaoine Eile aig a bheil Còir sa Chùl-chinn

Ann an cuid de shuidheachaidhean, faodaidh gum bu còraichean ann an roinn sa chùl-chinn aig luchd-seilbh no luchd-gabhail nach eil a’ gleidheadh an fhearainn aca fo ghabhaltas-croitearachd.  Nuair a thachras seo, bu chòir gum biodh ainm agus seòladh a h-uile duine aig a bheil a leithid de chòir a chur air an fhoirm-iarrtais.

Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 6 den fhoirm agus earrann 9 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm is seòladh sealbhadair/shealbhadairean sam bith eile aig a bheil còir anns a’ chùl-chinn a chur a-steach.

Nota 7 Fiosrachadh air a chur a-steach mar thaic ris an Iarrtas

Is e a tha ann an earrann 7 liosta a leigeas leat na bogsaichean ann a chleachdadh gus leigeil fhaicinn dè am fiosrachadh a chuir thu a-steach fo chòmhdach an iarrtais agad. Bu chòir dhut an earrann seo a lìonadh a-steach oir cuidichidh i riut gus a dhearbhadh gun do chuimhnich thu air na sgrìobhainnean, seic is an leithid a tha dhìth a chur a-steach, agus mar chlàr a chumas Coimisean na Croitearachd den fhiosrachadh a chuireadh an làthair mar thaic ris an iarrtas agad.

Bu chòir dhut am bogsa ann a chleachdadh gus fiosrachadh eile a chuir thu ris an iarrtas agad a nochdadh (a’ cleachdadh earrann ‘Barrachd Fiosrachaidh’ den fhoirm mar a tha a dhìth).

Bu chòir dhut am modh-pàighidh a tha thu ag iarraidh cleachdadh a shònrachadh – seic, Cairt-fhiachan no Cairt-creideis - le bhith a’ cur diog anns a’ bhogsa iomchaidh. Mas ann le seic a tha thu a’ pàigheadh, bu chòir a dhèanamh air a pàigheadh gu ‘Coimisean na Croitearachd’.

Tha fiosrachadh mu na cìsean a chuirear a thaobh iarrtais gus clàradh ann an Clàr na Croitearachd ri fhaotainn ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (cìsean) (Alba) 2012.

Nota 8 Ceadachadh

Nuair a lìonas tu a-steach an earrann seo den fhoirm, bidh thu a’ ceadachadh don Neach-ghleidhidh an cùl-cinn ùr a chlàradh ann an Clàr na Croitearachd.

Tha thu a’ dearbhadh air do shon fhèin agus – nuair as iomchaidh – às leth an duine/nan daoine a tha thu a’ riochdachadh gu bheil am fiosrachadh air a thoirt seachad air an fhoirm agus air a’ phlana na cois ceart a rèir do chuid eòlais is bheachdan.

Cuiridh an Neach-gleidhidh Teisteanas-clàraidh a-mach mar dhearbhadh gu bheil an clàradh air a choilionadh. Sònraich an seòladh post-dealain a tha ag iarraidh airson teastanais mas e do thoil e.

Ma tha thu a’ cur do làimhe ris an fhoirm às leth an tagraiche, feumaidh tu d’ ainm agus do sheòladh a chur sa bhogsa air an son.

Bu chòir am bogsa ‘Cleachdadh Oifigeil’ fhàgail bàn oir thèid seo a lìonadh a-steach le Coimisean na Croitearachd mus cuir iad air adhart gu Clàran na h-Alba e.

Nota 9 Barrachd Fiosrachaidh

Faodaidh tu barrachd fiosrachaidh mu na pàrtaidhean – mar eisimpleir, sealbhadair – nach eil àite gu leòr air a shon ann an àite sam bith eile air an fhoirm – a chur a-steach an seo. Faodaidh tu an earrann seo den fhoirm a chleachdadh cuideachd gus fiosrachadh sam bith eile a bhuineas ris an iarrtas agad nad bheachd a chur ann. Ma chleachdas tu an earrann seo den fhoirm gus barrachd fiosrachaidh a thoirt, bu chòir dhut an earrann den fhoirm ris am buin am fiosrachadh seo a shònrachadh gu soilleir fo cheann air leth, mar eisimpleir ‘Ainm agus Seòladh an t-Sealbhadair air lean.’ agus/no ‘Ainm agus Seòladh a’ chroiteir/nan croitearan mar Shealbhadair(ean)-còmhnaidhe. Ma tha feum air, faodaidh tu duilleag(an) eile a chleachdadh ach bu chòir gum biodh seo ceangailte gu soilleir ris a’ phrìomh fhoirm-iarrtais, mar eisimpleir ‘Barrachd Fiosrachaidh ceangailte ris an iarrtas gus Cùl-cinn Ùr [cuir a-steach ainm a’ Chùil-chinn Ùir] a chlàradh a’ Chiad Turas air lean.’

Was this page helpful?

Your feedback is anonymous and will help us improve the site.
Don't provide any personal information (opens in new tab).

Warning

If you need to ask a question or need help, use our email us web form.