Buinidh an stiùireadh seo ri lìonadh a-steach Foirm B (iarrtas gus Tachartas an Dèidh Làimhe a’ Bualadh air Croit Chlàraichte a chlàradh).
Chaidh an fhoirm a dhealbhadh air dà adhbhar. Anns a’ chiad dol-a-mach, tha i a’ leigeil leat am fiosrachadh a tha a dhìth air Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba gus Clàr na Croitearachd gus atharrachaidhean a shealltainn air ìre na croite, no ùidh innte, a thoirt seachad. San dara dol-a-mach, tha pàirtean sònraichte den fhoirm airson Coimisean na Croitearachd a bheir sùil air an iarrtas agad mus tèid a chur air adhart dhan Neach-ghleidhidh gus a chlàradh.
Feumar na raointean uile a bhuineas ri cur a-steach an iarrtais seo a lìonadh a-steach. Bu chòir dhut an fhoirm-iarrtais a lìonadh a-steach cho coileanta agus a ghabhas oir mura toir thu am fiosrachadh a tha a dhìth, dh’fhaodadh èirigh mar thoradh gun tèid an t-iarrtas agad a chur air ais thugad, a dh’adhbharaicheas dàil a ghabhadh seachnadh air clàradh na croite agad.
Tha a’ chìs air a bheil iomradh air an fhoirm a’ còmhdach atharrachaidh air a’ chlàir. Bidh a’ chìs air a h-òrdachadh le Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012.
Tha liosta de na suidheachaidhean nuair a dh’fheumar iarrtas a dhèanamh gus tachartas an dèidh làimh do chroit chlàraichte a chlàradh anns an Leasachan cuide ris an neach a dh’fheumas an t-iarrtas a dhèanamh anns gach suidheachadh.
Adhbhar na Foirme
Faodar an fhoirm seo a chleachdadh ma tha thu ag iarraidh tachartas a’ bualadh air a’ chroit chlàraichte agad a chlàradh. Mar eisimpleir, atharrachaidhean air ìre na croite sin no ùidh innte. Chan eil a dhìth ach aon Fhoirm-iarrtais ma tha aon neach-gabhail, chroitear mar shealbhadair-còmhnaidhe, uachdaran no sealbhadair gan atharrachadh ann am barrachd agus aon chroit chlàraichte. Mas e seo an suidheachadh a tha ann, cuir briog mas e do thoil e ann an Earrann 3 den fhoirm seo agus cuir a-steach fios a rèir Tuairisgeul den Chroit airson gach croite chlàraichte a bharrachd a dh’fheumar atharrachadh ann an Earrann 16 (‘Barrachd Fiosrachaidh’) den fhoirm seo. Tha cìs air leth a dhìth airson gach croit a bharrachd.
Nota 1 Fiosrachadh mun Iarrtas
Ma tha thu a’ cur an iarrtais agad a-steach às leth eagrachaidh no companaidh bu chòir dhut ainm an eagrachaidh no na companaidh a chur anns an raon iomchaidh.
Mar roghainn eile, feumaidh tu d’ ainm is do sheòladh agus àireamh-fòn tron latha le còd na sgìre ionadail a chur a-steach.
Cuideachd, feumaidh tu an ceann-latha-breith agad a chur a-steach. Ged a tha am fiosrachadh seo a dhìth air Coimisean na Croitearachd, chan eil de dh’ùghdarras aig Clàran na h-Alba fo na h-ullachaidhean buntainneach ann an Achd Dìon-dàta 1998 gus fiosrachadh pearsanta den t-seòrsa a chumail sna tasgaidhean aca. Air an adhbhar seo, thèid an ceann-latha-breith agad a dhubhadh às le Coimisean na Croitearachd mus tèid an t-iarrtas agad a chur air adhart don Neach-ghleidhidh agus cha tèid a chumail an cois an iarrtais agad mar chuid den chlàr phoblach.
Faodaidh tu fiosrachadh a chur ann cuideachd mu àireamh an fhòn-làimhe agad agus mu sheòladh post-dealain ma thogras tu gus an roghainn a thoirt do Choimisean na Croitearachd fios a chur ort le fear seach fear de na modhan seo.
Adhbhar airson Clàraidh
Bu chòir dhut giorrachadh beag a thoirt mun adhbhar agad airson clàradh anns a’ bhogsa air a shon.
San Leasachan ris an stiùireadh seo tha clàr le liosta de na suidheachaidhean far an fheumar iarrtas a dhèanamh gus tachartas a’ bualadh air croit a tha air a clàradh ann an Clàr na Croitearachd mar-thà a chlàradh gus a dhèanamh cinnteach gun tèid an clàr atharrachadh gus atharrachaidhean sam bith air ìre na croite no ùidh innte a ghlacadh. Mar eisimpleir, tha toirt-thairis seilbh croite le sealbhadair-còmhnaidhe na thachartas a dh’fhàgas gun fheum clàradh ann an Clàr ùr na Croitearachd tachairt. Tha na ‘tachartasan’ seo gan comharrachadh gu neo-fhoirmeil sna Notaichean-mìneachaidh ann an Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 mar ‘thachartasan-adhbharachaidh’ ach faodar an comharrachadh a-cheart cho math mar ‘adhbharan airson clàraidh’ no an t-adhbhar a tha agad gus clàradh iarraidh ann an Clàr na Croitearachd’.
Nota 2 Fiosrachadh mu Luchd-gnìomha (ma tha iomchaidh)
Ann an cuid de shuidheachaidhean, faodar an t-iarrtas a chur a-steach às leth an tagraiche a tha air ainmeachadh ann an earrann 1 den fhoirm seo le cuideigin ag obair mar luchd-gnìomha dha – mar eisimpleir, neach-lagha. Ma tha thu nad neach-lagha, a bharrachd a bhith a’ toirt seachad fios mun tagraiche ann an earrann 1 den fhoirm seo, bu chòir dhut fios a chur a-steach mu d’ ainm, do chomharradh, do sheòladh-puist, còd-postachd agus àireamh-fòn tron latha ann an earrann 2 den fhoirm seo. Cuideachd, faodaidh tu fiosrachadh a chur ann cuideachd mu àireamh an fhòn-làimhe agad agus mu sheòladh post-dealain ma thogras tu gus an roghainn a thoirt do Choimisean na Croitearachd fios a chur ort le fear seach fear de na modhan seo.
Nota 3 Tuairisgeul den Chroit
Bu chòir dhut an Àireamh air Clàr nan Croitean, ainm na Croite, Àireamh na Croite air Clàr na Croitearachd, Ainm no Àireamh na Croite, am Baile agus an Sgìre a chur a-steach. Chan eil a dhìth ach aon iarrtas ma tha aon neach-gabhail, chroitear mar shealbhadair-còmhnaidhe, uachdaran no sealbhadair gan atharrachadh ann am barrachd agus aon chroit chlàraichte. Tha cìs air leth a dhìth airson gach croit a bharrachd, ge-tà. Mas e seo an suidheachadh a tha ann, bu chòir briogadh anns a’ bhogsa air a shon san earrann seo den Fhoirm agus an Àireamh air Clàr nan Croitean, ainm na Croite, Àireamh na Croite air Clàr na Croitearachd, Ainm no Àireamh na Croite, an Baile agus an Sgìre a chur a-steach airson gach croit chlàraichte a bharrachd ann an earrann 16 (‘Barrachd Fiosrachaidh’) den fhoirm seo.
Nota 4 A bheil atharrachadh Croiteir ann?
Is e a tha ann an croitear neach-gabhail a rèir brìgh earrann 3 de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn an robh atharrachadh croiteir ann. Ma tha am fiosrachadh clàraichte mu chroitear a nochdas air Clàr na Croitearachd air atharrachadh, bu chòir dhur ainm is seòladh a’ chroiteir a tha ri dhubhadh às a’ Chlàr agus ainm is seòladh a’ chroiteir ùir a tha ri chur ris a’ Chlàr a chur a-steach. Ann am beagan shuidheachaidhean far a bheil dithis chroitearan, bu chòir dhut na h-ainmean agus na seòlaidhean aca a chur a-steach.
Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 4 den fhoirm agus earrann 16 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a chur a-steach.
Nota 5 A bheil atharrachadh Croiteir mar Shealbhadair(ean)-còmhnaidhe ann?
Is e a tha ann an croitear mar shealbhadair-còmhnaidhe croitear no cuideigin air ainmeachadh leis a’ chroitear aig àm a’ cheannaich bhon uachdaran no a cheannaich a’ chroit bho leithid de neach agus nach eilear air a’ chroit a leigeil gu pàrtaidh sam bith eile. Nuair a tha aon neach no barrachd air a’ chroit a cheannach, feumaidh iad a bhith nan sealbhadairean air ìre làn na croite. Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn an do dh'atharraich na croitearan mar shealbhadairean-còmhnaidhe.
Ma tha am fiosrachadh clàraichte mu chroitear mar shealbhadair-còmhnaidhe a nochdas air Clàr na Croitearachd air atharrachadh, bu chòir dhut ainm is seòladh a’ chroiteir/nan croitearan mar shealbhadair(ean)-còmhnaidhe a tha ri dhubhadh às a’ Chlàr agus ainm is seòladh a’ chroiteir mar shealbhadair-còmhnaidhe (no, ma tha barrachd air aon, fios mu gach croitear mar shealbhadair-còmhnaidhe) a tha ri chur ris a’ Chlàr a chur a-steach.
Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 5 den fhoirm agus earrann 16 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a tha ri dhubhadh às no ri chur ri Clàr na Croitearachd a chur a-steach.
Nota 6 A bheil atharrachadh ann an Uachdara(i)n?
Is e a tha ann an uachdaran ‘a thaobh croit seach tè air a clàradh ann an Clàr na Croitearachd, neach sam bith a tha airidh an-dràsta màl is prothaidean fhaighinn às, no seilbh a ghabhail air, a’ chroit’ mar a tha iad air an comharrachadh uile ann an earrann 61 de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn an do dh'atharraich an t-uachdaran/na h-uachdarain.
Ma tha am fiosrachadh clàraichte mu chroitear mar shealbhadair-còmhnaidhe a nochdas air Clàr na Croitearachd air atharrachadh, bu chòir dhut ainm is seòladh an uachdarain/nan uachdaran a tha ri dhubhadh às a’ Chlàr agus ainm is seòladh an uachdarain (no, ma tha barrachd air aon, fios mu gach uachdaran) a tha ri chur ris a’ Chlàr a chur a-steach.
Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 4 den fhoirm agus earrann 16 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm is seòladh sealbhadair/shealbhadairean sam bith eile aig a bheil còir anns a’ chùl-chinn a chur a-steach.
Nota 7 A bheil atharrachadh ann an Sealbhadair(ean)?
Is e a tha ann an sealbhadair neach aig a bheil a’ chroit ach nach eil na chòmhnaidh oirre agus nach eil na uachdaran seach neach eil a’ chroit fo ghabhaltas aig àm a’ chlàraidh. Fo earrann 4 de dh’Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010, am measg nan daoine ud a dh’fhaodas iarrtas a dhèanamh gus croit a chlàradh gu saor-thoileach tha ‘sealbhadair an fhearainn air a bheil a’ chroit air a shuidheachadh’. Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn an do dh’atharraich an sealbhadair/na sealbhadairean.
Ma tha am fiosrachadh clàraichte mu chroitear mar shealbhadair-còmhnaidhe a nochdas air Clàr na Croitearachd air atharrachadh, bu chòir dhut ainm is seòladh an t-sealbhadair/nan sealbhadairean a tha ri dhubhadh às a’ Chlàr agus ainm is seòladh an t-sealbhadair (no, ma tha barrachd air aon, fios mu gach sealbhadair) a tha ri chur ris a’ Chlàr a chur a-steach.
Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 4 den fhoirm agus earrann 16 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm is seòladh sealbhadair/shealbhadairean sam bith eile aig a bheil còir anns a’ chùl-chinn a chur a-steach.
Nota 8 A bheil atharrachadh sam bith air a’ Chùl-chinn/air an Fhearann air a Ghleidheadh mar Roinn-ruithe?
Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn gun robh atharrachadh air ùidh sam bith sa chùl-chinn/san fhearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe agus fios mun atharrachadh a chur a-steach.
Nota 9 A bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri dì-chroiteadh?
Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri dì-chroiteadh. Ma bhuineas an t-iarrtas agad ri dì-chroiteadh, feumaidh tu an ceann-latha air an deach an stiùireadh mu dhì-chroiteadh a dhèanamh a chur a-steach agus plana a’ sealltainn na h-àrainn sin a thoirt seachad.
Bu chòir gun gèilleadh na planaichean uile ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd agus faodaidh an Neach-gleidhidh earrann às a’ mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad ma bhios seo a dhìth. Thèid a’ chìs gus earrann den mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad a chur an cèill ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012.
Nota 10 A bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri Ath-thòiseachadh?
Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri ath-thòiseachadh.
Ma bhuineas an t-iarrtas agad ri Ath-thòiseachadh, a bharrachd air an earrann seo den fhoirm a lìonadh a-steach, feumaidh tu plana a sheallas an àrainn air a bheilear a’ bualadh a chur a-steach. Bu chòir gun gèilleadh na planaichean uile ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd agus faodaidh an Neach-gleidhidh earrann às a’ mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad ma bhios seo a dhìth. Thèid a’ chìs gus earrann den mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad a chur an cèill ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012.
Bu chòir dhut an ceann-latha air an deach an t-ath-thòiseachadh a cheadachadh a chur a-steach. Ma tha an t-ath-thòiseachadh na ath-thòiseachadh sealach, bu chòir dhut fios a thoirt mun ùine bhuntainnich.
Bu chòir dhur briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil an t-iarrtas a’ buntainn seo ri sìneadh na h-ùine an lùib ath-thòiseachaidh air a chlàrachadh. Mas e an fhreagairt air a’ cheist seo ‘tha’ bu chòir dhut an comharradh air a’ Chlàr-chlàraidh, ceann-latha ùr a’ cheadachaidh agus an ùine bhuntainneach a dhearbhadh.
Bu chòir dhur briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri ath-thòiseachadh sealach a dhèanamh na ath-thòiseachadh àbhaisteach. Mas e an fhreagairt air a’ cheist seo ‘tha’ bu chòir dhut an comharradh air a’ Chlàr-chlàraidh agus ceann-latha ùr a’ cheadachaidh a thoirt.
Bu chòir dhur briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri fearann air ath-thòiseachadh a dhèanamh na fhearann-croite.
Mas e an fhreagairt ‘tha’ bu chòir dhut mapa den àrainn a tha ri dèanamh na fearann-croite agus/no an comharradh bho mapa a’ Chlàir-chlàraidh a thoirt. Bu chòir dhut am bogsa iomchaidh a lìonadh a-steach gus leigeil fhaicinn a bheil thu a’ toirt seachad plana.
Bu chòir gun gèilleadh na planaichean uile ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd agus faodaidh an Neach-gleidhidh earrann às a’ mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad ma bhios seo a dhìth. Thèid a’ chìs gus earrann den mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad a chur an cèill ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012.
Nota 11 A bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri Roinneadh?
Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri roinneadh.
Ma bhuineas an t-iarrtas agad ri roinneadh, a bharrachd air an earrann seo den fhoirm a lìonadh a-steach, feumaidh tu plana a sheallas an àrainn a tha ri cur ris no toirt air falbh.
Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn am buin an roinneadh ri àrainn ùr, a’ toirt seachad crìoch ùine an roinnidh agus plana a’ sealltainn na h-àrainn ri cur ris a’ chroit.
Bu chòir gun gèilleadh na planaichean uile ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd agus faodaidh an Neach-gleidhidh earrann às a’ mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad ma bhios seo a dhìth. Thèid a’ chìs gus earrann den mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad a chur an cèill ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012.
Nota 12 A bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri tearbadh croite?
Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil an t-iarrtas seo a' buntainn ri tearbadh croite.
Mas e an fhreagairt ‘tha’ bu chòir dhut plana a’ sealltainn na h-àrainn den chroit a tha ri roinneadh a thoirt seachad. Bu chòir gun sealladh am plana ìre na h-àrainn a thathar a’ toirt thairis agus an àrainn air fàgail a bhios tu a’ gleidheadh cuideachd.
Bu chòir gun gèilleadh na planaichean uile ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd agus faodaidh an Neach-gleidhidh earrann às a’ mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad ma bhios seo a dhìth. Thèid a’ chìs gus earrann den mhapa aig suirbhidh an òrdanais a thoirt seachad a chur an cèill ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012.
Nota 13 A bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri iomlaid fearann-croite?
Bu chòir dhut briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil an t-iarrtas seo a’ buntainn ri tearbadh croite.
Bu chòir dhut plana a sheallas gu soilleir na h-àrainnean a thathar ag iomlaid a thoirt seachad cuideachd.
Mas e an fhreagairt air a’ cheist seo ‘tha’, gus a leigeil leis an iomlaid-fhearainn seo a bhith air a nochdadh air a’ Chlàr, feumaidh tu Àireamh na Croite air Clàr na Croitearachd a thoirt airson gach croite.
Nota 14 Fiosrachadh air a chur a-steach mar thaic ris an Iarrtas
Is e a tha ann an earrann 14 liosta a leigeas leat na bogsaichean ann a chleachdadh gus leigeil fhaicinn dè am fiosrachadh a chuir thu a-steach fo chòmhdach an iarrtais agad. Bu chòir dhut an earrann seo a lìonadh a-steach oir cuidichidh i riut gus a dhearbhadh gun do chuimhnich thu air na sgrìobhainnean, seic is an leithid a tha dhìth a chur a-steach, agus mar chlàr a chumas Coimisean na Croitearachd den fhiosrachadh a chuireadh an làthair mar thaic ris an iarrtas agad.
Bu chòir dhut am bogsa ann a chleachdadh gus fiosrachadh eile a chuir thu ris an iarrtas agad a nochdadh (a’ cleachdadh earrann ‘Barrachd Fiosrachaidh’ den fhoirm mar a tha a dhìth).
Bu chòir dhut am modh-pàighidh a tha thu ag iarraidh cleachdadh a shònrachadh – seic, Cairt-fhiachan no Cairt-creideis – le bhith a’ cur diog anns a’ bhogsa iomchaidh. Mas ann le seic a tha thu a’ pàigheadh, bu chòir a dhèanamh air a pàigheadh gu ‘Coimisean na Croitearachd’.
Tha fiosrachadh mu na cìsean a chuirear a thaobh iarrtais gus clàradh ann an Clàr na Croitearachd ri fhaotainn ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (cìsean) (Alba) 2012.
Nota 15 Ceadachadh
Nuair a lìonas tu an earrann a-steach an earrann seo den fhoirm, bheir thu ùghdarras do Chlàr na h-Alba tachartas an dèidh làimhe ceangailte ris a’ chroit chlàraichte agad a chlàradh.
Tha thu a’ dearbhadh air do shon fhèin agus – nuair as iomchaidh – às leth an duine/nan daoine a tha thu a’ riochdachadh gu bheil am fiosrachadh air a thoirt seachad air an fhoirm agus air a’ phlana na cois ceart a rèir do chuid eòlais is bheachdan.
Cuiridh an Neach-gleidhidh Teisteanas-clàraidh a-mach mar dhearbhadh gu bheil an clàradh air a choilionadh. Sònraich an seòladh post-dealain a tha ag iarraidh airson teastanais mas e do thoil e.
Ma tha thu a’ cur do làimhe ris an fhoirm às leth an tagraiche, feumaidh tu d’ ainm agus do sheòladh a chur sa bhogsa air an son.
Bu chòir am bogsa ‘Cleachdadh Oifigeil’ fhàgail bàn oir thèid seo a lìonadh a-steach le Coimisean na Croitearachd mus cuir iad air adhart gu Clàran na h-Alba e.
Nota 16 Barrachd Fiosrachaidh
Faodaidh tu barrachd fiosrachaidh mu na pàrtaidhean – mar eisimpleir, sealbhadair – nach eil àite gu leòr air a shon ann an àite sam bith eile air an fhoirm – a chur a-steach an seo. Faodaidh tu an earrann seo den fhoirm a chleachdadh cuideachd gus fiosrachadh sam bith eile a bhuineas ris an iarrtas agad nad bheachd a chur ann. Ma chleachdas tu an earrann seo den fhoirm gus barrachd fiosrachaidh a thoirt, bu chòir dhut an earrann den fhoirm ris am buin am fiosrachadh seo a shònrachadh gu soilleir fo cheann air leth, mar eisimpleir ‘Atharrachadh ann an Sealbhadair(ean) air lean.’ agus/no ‘Atharrachadh ann an Uachdarain/nan Uachdaran’. Ma bhios feum air, cleachd barrachd dhuilleagan mas e do thoil e ach bu chòir gum biodh seo air an ceangal gu soilleir ris a’ phrìomh fhoirm-iarrtais, mar eisimpleir, ‘Barrachd fiosrachaidh mun Iarrtas gus Tachartas an Dèidh Làimhe a’ Bualadh air Croit chlàraichte [cuir a-steach tuairisgeul na croite] air lean.’