Stiùireadh farsaing mu lìonadh a-steach Foirm G

Buinidh an stiùireadh seo ri lìonadh a-steach Foirm G (fios gu Neach-gleidhidh a’ Choimisein and dèidh co-dhùnadh riaghlachail a bhith air a cheadachadh).

Feumar na raointean uile a bhuineas ri cur a-steach an iarrtais seo a lìonadh a-steach. Mura tèid am fiosrachadh a tha a dhìth a thoirt seachad, dh’fhaodadh èirigh mar thoradh gun cuirear an t-iarrtas air ais, a dh’adhbharaicheas dàil a ghabhadh seachnadh air a bhith a’ beachdachadh air na ceistean a bhuineas ris.

Tha Earrann 10 (3) de dh’Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 ag iarraidh air an Neach-ghleidhidh Clàr na Croitearachd atharrachadh ma thachras gum builichear iarrtas a dh’adhbharaich feumalachd gun rachadh a’ chroit a tha sa cheist a chlàradh. Eisimpleir de seo, is e far a bheilear air iarrtas riaghlachail gus croit a mheudachadh aontachadh, nuair a thèid an Clàr atharrachadh mar as còir.

Feumaidh tagraichean a dh’iarras iarrtas riaghlachail ceangailte ri meudachadh, ionnlaid, roinneadh, ath-thòiseachadh, cead ri gabhail no roinneadh cùl-cinn fios a thoirt don Choimisean an taobh a-staigh trì mìosan an dèidh don iarrtas a bhith air a bhuileachadh gun do thachair an t-atharrachadh air a’ chroit. Mura tèid fios a thoirt don Choimisean an taobh a-staigh na h-ùine seo, bidh e a’ ciallachadh gun tèid a mheasadh nach do thachair an gnìomh riaghlachail.

Aon uair is gum faigh e fios, feumaidh an Coimisean a fios a thoirt don Neach-ghleidhidh gus am faod am fiosrachadh mu chlàradh na croite ùrachadh.

Ma bhuineas an t-iarrtas riaghlachail ri roinneadh no dì-chroiteadh, bheir an Coimisean fios don Neach-ghleidhidh gun deach an t-iarrtas a bhuileachadh agus atharraichidh an Neach-gleidhidh an Clàr.

Ma bhuineas an t-iarrtas ri dì-chroiteadh agus ma tha e san amharc aig a’ chroitear am fearann a tha sa cheist fhaighinn, feumaidh an croitear fios a thoirt don Choimisean nuair a thathar air am fearann fhaighinn. Atharraichidh an Neach-gleidhidh an Clàr gun feum air iarrtas air leth anns gach suidheachadh.

Iarrtas Foirm G

Foirm G (PDF, 804KB)

Nota 1 Tuairisgeul den Chroit

Feumar àireamh na Croite air Clàr na Croitearachd, Ainm na Croite, am Baile agus an Sgìre a chur a-steach.

Nota 2 Fios mun Atharrachadh a tha a Dhìth

Cleachdar an earrann seo den fhoirm gus fios a thoirt mun cho-dhùnadh riaghlachail a’ bualadh air a’ chroit. Ma thathar ga iarraidh, faodar plana a chleachdadh gus an seòrsa atharrachaidh agus a’ bhuaidh a bheir e a shoilleireachadh.

Feumaidh plana sam bith a chleachdar gus an seòrsa co-dhùnaidh riaghlachail a tha ann agus a’ bhuaidh a bheir e air a’ chroit a shoilleireachadh agus am fiosrachadh a tha air a ghleidheadh air Clàr na Croitearachd gèilleadh ris na slatan-tomhais mu mhapadh anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd’.

Was this page helpful?

Your feedback is anonymous and will help us improve the site.
Don't provide any personal information (opens in new tab).

Warning

If you need to ask a question or need help, use our email us web form.