Stiùireadh farsaing mu lìonadh a-steach Foirm E

Buinidh an stiùireadh seo ri lìonadh a-steach Foirm E (iarrtas gus tachartas an dèidh làimhe a’ bualadh air cùl-cinn no fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe clàraichte a chlàradh).

Foirm E (PDF, 899KB)

Chaidh an fhoirm a dhealbhadh air dà adhbhar. Anns a’ chiad dol-a-mach, tha e a’ leigeil leat fiosrachadh a tha a dhìth air Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba gus Clàr-clàraidh a chlàradh is a chur a-mach airson a’ chùil-chinn/an fhearainn air a ghleidheadh mar roinn-ruithe agad a thoirt seachad.  San dara dol-a-mach, tha pàirtean sònraichte den fhoirm airson Coimisean na Croitearachd a bheir sùil air an iarrtas agad mus tèid a chur air adhart dhan Neach-ghleidhidh gus a chlàradh.

Feumar na raointean uile a bhuineas ri cur a-steach an iarrtais seo a lìonadh a-steach.  Bu chòir dhut an fhoirm-iarrtais a lìonadh a-steach cho coileanta agus a ghabhas oir mura toir thu am fiosrachadh a tha a dhìth, dh’fhaodadh èirigh mar thoradh gun tèid an t-iarrtas agad a chur air ais thugad, a dh’adhbharaicheas dàil a ghabhadh seachnadh air clàradh na croite agad.

Adhbhar na Foirme

Bu chòir Foirm E a lìonadh a-steach nuair a thathar a’ dèanamh iarrtais gus tachartas a’ bualadh air cùl-cinn/fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe a chlàradh a rèir cumhaichean earrann 25 de dh’Achd Ath-leasachadh Croitearachd 2010.

Bu chòir an t-iarrtas a chur a-steach dhan Choimisean an toiseach, a nì sgrùdadh air an fhiosrachadh a rèir Clàr nan Croitean mus tèid a chur air adhart dhan Neach-ghleidhidh.

Nota 1 Fiosrachadh mun Iarrtas

Ma tha thu a’ cur an iarrtais agad a-steach às leth eagrachaidh no companaidh bu chòir dhut ainm an eagrachaidh no na companaidh a chur anns an raon iomchaidh.

Mar roghainn eile, feumaidh tu d’ ainm is do sheòladh agus àireamh-fòn tron latha le còd na sgìre ionadail a chur a-steach.

Cuideachd, feumaidh tu an ceann-latha-breith agad a chur a-steach. Ged a tha am fiosrachadh seo a dhìth air Coimisean na Croitearachd, chan eil de dh’ùghdarras aig Clàran na h-Alba fo na h-ullachaidhean buntainneach ann an Achd Dìon-dàta 1998 gus fiosrachadh pearsanta den t-seòrsa a chumail sna tasgaidhean aca. Air an adhbhar seo, thèid an ceann-latha-breith agad a dhubhadh às le Coimisean na Croitearachd mus tèid an t-iarrtas agad a chur air adhart don Neach-ghleidhidh agus cha tèid a chumail an cois an iarrtais agad mar chuid den chlàr phoblach.

Faodaidh tu fiosrachadh a chur ann cuideachd mu àireamh an fhòn-làimhe agad agus mu sheòladh post-dealain ma thogras tu gus an roghainn a thoirt do Choimisean na Croitearachd fios a chur ort le fear seach fear de na modhan seo.

Adhbhar airson Clàraidh

Bu chòir dhut giorrachadh beag a thoirt mun adhbhar agad airson clàradh anns a’ bhogsa air a shon.

Tha ullachadh ann an earrann 25 de dh’Achd Ath-leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 airson nan adhbharan riaghlachail a chruthaicheas iarrtas-clàraidh gus an inntrig ann an Clàr na Croitearachd airson cùl-cinn clàraichte a chlàradh. Mar eisimpleir, toirt-thairis seilbh fearainn air a bheil croit chlàraichte air a suidheachadh ri bhith air a chlàradh. Tha na ‘tachartasan’ seo, mar a tha iad air an comharrachadh gu neo-fhoirmeil sna Notaichean-mìneachaidh ann an Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 mar ‘thachartasan-adhbharachaidh’ ach faodar an comharrachadh a-cheart cho math mar ‘adhbharan airson clàraidh’ no an t-adhbhar a tha agad gus clàradh iarraidh ann an Clàr na Croitearachd’.

Nota 2 Fiosrachadh mu Luchd-gnìomha (ma tha iomchaidh)

Ann an cuid de shuidheachaidhean, faodar an t-iarrtas a chur a-steach às leth an tagraiche a tha air ainmeachadh ann an earrann 1 den fhoirm seo le cuideigin ag obair mar luchd-gnìomha dha – mar eisimpleir, neach-lagha. Ma tha thu nad neach-lagha, a bharrachd a bhith a’ toirt seachad fios mun tagraiche ann an earrann 1 den fhoirm seo, bu chòir dhut fios a chur a-steach mu d’ ainm, do chomharradh, do sheòladh-puist, còd-postachd agus àireamh-fòn tron latha ann an earrann 2 den fhoirm seo. Cuideachd, faodaidh tu fiosrachadh a chur ann cuideachd mu àireamh an fhòn-làimhe agad agus mu sheòladh post-dealain ma thogras tu gus an roghainn a thoirt do Choimisean na Croitearachd fios a chur ort le fear seach fear de na modhan seo.

Nota 3 Tuairisgeul den Chùl-chinn no den Fhearann air a Ghleidheadh mar Roinn-ruithe

Bu chòir dhut Àireamh a’ chùil-chinn/na Roinn-ruithe air Clàr na Croitearachd, an Àireamh air Clàr nan Croitean a thoirt agus an seòrsa de chleachdadh-fearainn ris a bheil an t-iarrtas ceangailte (m. e. cùl-cinn no fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe) a shònrachadh. Bu chòir ainm a’ chùil-chinn/an fhearainn air a ghleidheadh mar roinn-ruithe a thoirt agus an Sgìre sa bheil e.

Bu chòir dhut fios a leigeil ma tha thu air plana a’ sealltainn a’ chùil-chinn/an fhearainn air a ghleidheadh mar roinn-ruithe a chur an cois an iarrtais agad le bhith a’ briogadh anns a’ bhogsa bhuntainneach. Bu chòir gun gèilleadh na planaichean uile ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd’.

Nota 4 An deach Sealbhadair a’ Chùil-chinn/an Fhearainn air a Ghleidheadh mar Roinn-ruithe atharrachadh?

Bu chòir dhut fios a leigeil a bheil atharrachadh sam bith air sealbhadaireachd a’ chùil-chinn/an fhearainn air a ghleidheadh mar roinn-ruithe. Leigidh an Clàr-clàraidh fhaicinn cò tha a’ nochdadh mar shealbhadair an-dràsta.

Nuair a dh’fheumar atharrachadh a dhèanamh, bu chòir dhut ainm is seòladh an t-sealbhadair (no gach sealbhadair ma tha barrachd air aonan ann) a tha ri dhubhadh às agus gach sealbhadair ùir a tha ri chur a-steach anns a’ chlàr a thoirt.

Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 4 den fhoirm agus earrann 11 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm is seòladh sealbhadair/shealbhadairean sam bith eile aig a bheil còir anns a’ chùl-chinn a chur a-steach.

Nota 5 Iarrtas gus Cùl-cinn/Fearann air a Ghleidheadh mar Roinn-ruithe a Mheudachadh

Bu chòir an earrann seo a lìonadh nuair a thathar air an cùl-cinn a mheudachadh, no iarrtas a dhèanamh gus am meudachadh, fo earrann 51 de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Na leithid de shuidheachaidhean, feumar plana a sheallas an àrainn air a meudachadh a chur an cois an iarrtais. Bu chòir gun gèilleadh am plana ris na slatan-tomhais mu mhapadh ann anns an sgrìobhainn-stiùiridh aig Clàran na h-Alba ‘Slatan-tomhais mu Phlanaichean-iarrtais gu Clàr na Croitearachd: ‘Stiùireadh mu ullachadh phlanaichean airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd’.

Nota 6 Iarrtas mu Ath-thòiseachadh a’ Chùil-chinn/an Fhearainn air a Ghleidheadh mar Roinn-ruithe

Bu chòir an earrann seo den fhoirm a lìonadh a thaobh iarrtais gus ath-thòiseachadh air cùl-cinn/fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe a chlàradh, no nuair a thathar air ath-thòiseachadh sealach a shìneadh no a dhèanamh buan, no nuair a bhios fearann air ath-thòiseachadh ri dhol na chùl-chinn/na fhearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe.

A thaobh ath-thòiseachaidh ùir, an dara cuid sealach no buan, no atharrachadh air àrainn air a h-ath-thòiseachadh na cùl-cinn/fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe, feumar plana a’ sealltainn an fhearainn air a bheilear a’ bualadh a chur a-steach. A thaobh sìnidh ùine ath-thòiseachaidh shealaich (no ath-thòiseachadh sealach ga dhèanamh buan), feumar fiosrachadh a thoirt mu chead agus mun ùine aig an ath-thòiseachadh shealach.

Nota 7 Iarrtas mu Roinneadh a’ Chùil-chinn/an Fhearainn air a Ghleidheadh mar Roinn-ruithe

Bu chòir an earrann seo den fhoirm a lìonadh nuair a bhios atharrachadh air roinneadh a’ chùil-chinn/an fhearainn air a ghleidheadh mar roinn-ruithe.

A thaobh roinnidh ùir (an dara cuid sealach no buan), feumar plane den fhearann air a bheilear a’ bualadh a thoirt seachad. A thaobh sìnidh ùine roinnidh shealaich (no roinneadh sealach ga dhèanamh buan), feumar fiosrachadh a thoirt mu chead agus mun ùine aig an roinneadh shealach.

Bu chòir dhut seòladh na Croite a chur a-steach. Nuair a tha a’ chroit air a bhith air a clàradh ann an Clàr na Croitearachd mar-thà, bu chòir Àireamh na Croite ann an Clàr na Croitearachd a thoirt.

A thaobh croite nach eil air a clàradh, bu chòir ainm is seòladh iomlan le còd-postachd a’ chroiteir no a’ chroiteir mar shealbhadair-còmhnaidhe a thoirt a rèir mar as iomchaidh.  Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 7 den fhoirm agus earrann 11 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a chur a-steach.

Is e a tha ann an croitear neach-gabhail a rèir brìgh earrann 3 de dh’Achd nan Croitearan (Alba) 1993. Bu chòir mar sin ainm agus seòladh an neach a tha air a chlàradh le Coimisean na Croitearachd mar an croitear a chur a-steach mar neach-gabhail an seo. Ann am beagan shuidheachaidhean far a bheil dithis neach-gabhail, bu chòir dhut na h-ainmean agus na seòlaidhean aca a chur a-steach.

Is e a tha ann an croitear mar shealbhadair-còmhnaidhe croitear no cuideigin air ainmeachadh leis a’ chroitear aig àm a’ cheannaich bhon uachdaran no a cheannaich a’ chroit bho leithid de neach agus nach eilear air a’ chroit a leigeil gu pàrtaidh sam bith eile. Nuair a tha aon neach no barrachd air a’ chroit a cheannach, feumaidh iad a bhith nan sealbhadairean air ìre làn na croite gus a bhith mar chroitear mar shealbhadair-còmhnaidhe. Feumar ainm agus seòladh gach croiteir mar shealbhadair-còmhnaidhe a thoirt.

Bu chòir dhur briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil thu a’ dèanamh iarrtais gus an ùine an lùib roinnidh air a chlàrachadh a shìneadh. Mas e an fhreagairt air a’ cheist seo ‘tha’, bu chòir dhut an comharradh air a’ Chlàr-chlàraidh an-dràsta a chur a-steach, an ceann-latha deireannach ùr a thoirt seachad agus, ma tha a’ chroit air a clàradh, Àireamh na Croite air Clàr na Croitearachd a chur sna bogsaichean iomchaidh.

Bu chòir dhur briogadh anns a’ bhogsa iomchaidh gus leigeil fhaicinn a bheil thu a’ dèanamh iarrtais gus an ùine an lùib roinnidh air a chlàrachadh a thoirt gu crìch. Mas e an fhreagairt air a’ cheist seo ‘tha’, bu chòir dhut an comharradh air a’ Chlàr-chlàraidh an-dràsta a chur a-steach agus, ma tha a’ chroit air a clàradh, Àireamh na Croite air Clàr na Croitearachd a chur sna bogsaichean iomchaidh.

Nota 8 Iarrtas mu thoirt-thairis chòraichean ann an Cùl-cinn/ann am Fearann air a Ghleidheadh mar Roinn-ruithe

Bu chòir an earrann seo den fhoirm a lìonadh nuair a bhios atharrachadh air na còraichean air an roinneadh sa chùl-chinn/san fhearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe. Feumar fiosrachadh làn mun thoirt-thairis a thoirt, le fios mun chroit/mu na croitean a gheibh no a chailleas còraichean. Ma tha gin de na croitean air a bheilear a’ bualadh gun chlàradh, feumar fiosrachadh mun chroitear no mun chroitear mar shealbhadair-còmhnaidhe a thoirt.

Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa mura bheil àite gu leòr ann an earrann 8 den fhoirm agus earrann 11 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm croiteir/chroitearan sam bith eile a chur a-steach.

Bu chòir an earrann seo a lìonadh cuideachd nuair a bhios còraichean gan toirt-thairis gu no bho luchd-seilbh no luchd-gabhaltais aig nach eil am fearann aca fo ghabhaltas-croitearachd.

Bu chòir dhut diog a chur sa bhogsa air a shon mura bheil àite gu leòr ann an earrann 8 den fhoirm agus earrann 11 den fhoirm seo (‘Barrachd Fiosrachaidh’) a chleachdadh gus ainm is seòladh neach/dhaoine sam bith aig a bheil còir anns a’ chùl-chinn/anns an fhearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe a tha am fiosrachadh mun deidhinn ri thoirt air falbh no ri chur ri Clàr na Croitearachd a chur a-steach.

Nota 9 Fiosrachadh air a chur a-steach mar thaic ris an Iarrtas

Is e a tha ann an earrann 9 liosta a leigeas leat na bogsaichean ann a chleachdadh gus leigeil fhaicinn dè am fiosrachadh a chuir thu a-steach fo chòmhdach an iarrtais agad. Bu chòir dhut an earrann seo a lìonadh a-steach oir cuidichidh i riut gus a dhearbhadh gun do chuimhnich thu air na sgrìobhainnean, seic is an leithid a tha dhìth a chur a-steach, agus mar chlàr a chumas Coimisean na Croitearachd den fhiosrachadh a chuireadh an làthair mar thaic ris an iarrtas agad.

Bu chòir dhut am bogsa ann a chleachdadh gus fiosrachadh eile a chuir thu ris an iarrtas agad a nochdadh (a’ cleachdadh earrann ‘Barrachd Fiosrachaidh’ den fhoirm mar a tha a dhìth).

Bu chòir dhut am modh-pàighidh a tha thu ag iarraidh cleachdadh a shònrachadh – seic, Cairt-fhiachan no Cairt-creideis – le bhith a’ cur diog anns a’ bhogsa iomchaidh. Mas ann le seic a tha thu a’ pàigheadh, bu chòir a dhèanamh air a pàigheadh gu ‘Coimisean na Croitearachd’.

Tha fiosrachadh mu na cìsean a chuirear a thaobh iarrtais gus clàradh ann an Clàr na Croitearachd ri fhaotainn ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (cìsean) (Alba) 2012.

Nota 10 Ceadachadh

Nuair a lìonas tu a-steach an earrann seo den fhoirm, bidh thu a’ ceadachadh don Neach-ghleidhidh tachartas an dèidh làimhe a’ bualadh air a’ chùl-chinn/air an fhearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe a chlàradh ann an Clàr na Croitearachd.

Tha thu a’ dearbhadh air do shon fhèin agus – nuair as iomchaidh – às leth an duine/nan daoine a tha thu a’ riochdachadh gu bheil am fiosrachadh air a thoirt seachad air an fhoirm agus air a’ phlana na cois ceart a rèir do chuid eòlais is bheachdan.

Cuiridh an Neach-gleidhidh Teisteanas-clàraidh a-mach mar dhearbhadh gu bheil an clàradh air a choilionadh. Sònraich an seòladh post-dealain a tha ag iarraidh airson teastanais mas e do thoil e.

Ma tha thu a’ cur do làimhe ris an fhoirm às leth an tagraiche, feumaidh tu d’ ainm agus do sheòladh a chur sa bhogsa air an son.

Bu chòir am bogsa ‘Cleachdadh Oifigeil’ fhàgail bàn oir thèid seo a lìonadh a-steach le Coimisean na Croitearachd mus cuir iad air adhart gu Clàran na h-Alba e.

Nota 11 Barrachd Fiosrachaidh

Faodaidh tu barrachd fiosrachaidh mu na pàrtaidhean – mar eisimpleir, sealbhadair – nach eil àite gu leòr air a shon ann an àite sam bith eile air an fhoirm – a chur a-steach an seo. Faodaidh tu an earrann seo den fhoirm a chleachdadh cuideachd gus fiosrachadh sam bith eile a bhuineas ris an iarrtas agad nad bheachd a chur ann. Ma chleachdas tu an earrann seo den fhoirm gus barrachd fiosrachaidh a thoirt, bu chòir dhut an earrann den fhoirm ris am buin am fiosrachadh seo a shònrachadh gu soilleir fo cheann air leth, mar eisimpleir ‘Ainm agus Seòladh ro dhubhadh às air lean.’ agus/no ‘Ainm agus Seòladh a’ chroiteir/nan croitearan mar Shealbhadair(ean)-còmhnaidhe’. Ma bhios feum air, cleachd barrachd dhuilleagan mas e do thoil e ach bu chòir gum biodh seo air an ceangal gu soilleir ris a’ phrìomh fhoirm-iarrtais, mar eisimpleir, ‘Barrachd fiosrachaidh mun iarrtas gus tachartas an dèidh làimhe a’ bualadh air cùl-cinn/fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe clàraichte [cuir a-steach ainm a’ Chùil-chinn/an Fhearainn air a Ghleidheadh mar Roinn-ruithe] air lean.’

Was this page helpful?

Your feedback is anonymous and will help us improve the site.
Don't provide any personal information (opens in new tab).

Warning

If you need to ask a question or need help, use our email us web form.